Table of Contents
[English-language version below]
à Ach, tha sin ceàrr ann dà dhòigh: tha e dèanamh dì-mheas air cho cudromach ‘sa tha a’ bhuidheann mar riaghladair ann an sgìre farsaing de dh’Alba agus, ‘s dòcha nas cudromaiche, tha e na shamhla air draghan gu mathematics us fharsainge mu bhuidhnean poblachd na dùthcha.
Every draid has a rent. Chaidh Coimisein na Croitearan a’ stèidheachadh air ais ann 1886 airson coimhead às dèidh siostam ùr a bha a’ cur dìon airson a’ chiad uair air còirichean nan croitear air fairann, às dèidh dhaibh fulang fo bhorbachd is olc nan uachadar
‘S eu-coltach an-diugh ri 150 bliadhna air ais ach tha am prionnsabal fhathast a’ seasamh: tha còirichean nan croitear air an fhearann air an dìon, a’ cuideachadh le bhith cumail sluagh ann coimhearsnachdan agus a’ cuideachadh le bhith cur true air tìr a tha gabhail a-staigh faisg air aon thrian de dh’Alba gu lèir, leis a’ choimisean mar riaghladair.
Ah, chan eil e air a bhith gun dhuilgheadas. An-uiridh thug àrd-neach-sgrùdaidh na h-Alba droch bhreithneachadh air a’ bhuidhinn agus an t-seachdain-sa nochd aithisg bho chomataidh na sgrùdaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba a bha cur ri sin, a’ togail air” laigsean ann stiùireadh is rianachd” a bha “aig ìre ris na bu chòir gabhail”.
Aig bunait na cùise tha an càirdeas le Riaghaltas na h-Alba. Thog an aithisg air sgrùdadh eile a chaidh a dhèanamh ann an 2016 agus a thog air “duilgheadasan gu math bunaiteach”. “Tha a’chomataidh mar sin gu math draghail gun tog na duilgheadasan sin ceann a-rithist agus thathas ag iarraidh gealltanas bho gach taobh gun tèid leasanan ionnsachadh”, thuirt an aithisg.
Agus tha seo a’leantainn gu draghan nas fharsaing.
A’ toirt seachad fianais chun chomataidh, dh’fhaighnich an neach-sgrùdaidh “a bheil cothrom ann sùil nas bunaitiche a thirt” air buidhnean poblach agus mar a tha iad ag obrachadh, oir “an àite a bhith coimhead ri buidhnean faleth, tha mi beachdachadh saoil am bu chòir dòighean ùrachadh.”
Thuirt e nach robh an sgaradh ann dleastanasan eadar an coimisean agus Riaghaltas na h-Alba idir oilleir – no ga chur ann an dòigh eile gun robh e duilich dhan choimisean an obair a’ choileanadh agus an riaghaltas a’ gabhail uimhir a’ ghannothach riu.
Nuair a thig e gu buidhnean poblach, tha sinn air seo a chluinntinn ron a seo – tha an aon sheòrsa gearainean a’ cuairteachadh Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, mar eisimpleir.
Tha e na chomharra gu bheil cuideigin mar àrd neach-sgrùdaidh na h-Alba, nach eil idir a’ gabhail taobh seach taobh gu poileataigeach, ag iarraidh sgrùdadh nas fharsainge air mar tha an Riaghaltas agus buidhnean pobladh ag obradh.
‘Se seo rud a ghlac aire buill a’ chomataidh cuideachd agus dh’iarr iard air a dhol air adhart agus an rud a mhol e fhèin a choileanadh – an sgrùdadh farsaing a tha seo a chur air dòigh.
Nuair a smaoinicheas tu a’ bhuaidh a tha aig an àireamh mhòr de bhuidhnean air diofar phàirtean de ar beatha, ‘s dòcha gu bheil l à n àm ann cur fon a’ phrosbaig gu math nas motha na tha air a bhith tachairt – ged nach biodh ann ach nach eil e idir ceart dhaibh a bhith ag obair air falbh bho shùil an t-sluaigh.